BBC Naidheachdan
Every story BBC Naidheachdan reported, ranked by how well its sources corroborate it.
This is the general feed. It is not shaped to you. Sign in to shape it
Piseag liopard-sneachda ga chur sìos
'An dèidh beachdachadh gu cùramach, rinneadh an co-dhùnadh doirbh Indra a chur na chadal,' thuirt an CRSA.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Ath-thagradh ga dhiùltadh do dh'èigniche Ghàidhealach
Chaidh ath-thagradh a dhiùltadh do dhràibhear tacsaidh air Ghàidhealtachd a bha a' cur an aghaidh a dhìteadh airson boireannach òg èigneachadh agus a' bhinn a chaidh a chur air.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Peter May, 1951 - 2026
B' esan a sgrìobh na leabhraichean The Blackhouse, The Lewisman agus The Chessmen, a tha stèidhichte ann an Leòdhas.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Dòchas gun toir Drochaid Nabhair ùr piseach air trafaig air Slighe NC 500
Chaidh cuirm a chumail Dihaoine airson an drochaid ùr tarsainn Abhainn Nabhair faisg air a' Bhlàran Odhar an Cataibh fhosgladh gu foirmeil.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Mòd Ghlaschu - "Fad naoi là, bidh cànan is cultar na Gàidhlig ri fhaicinn is ri chluinntinn"
Bidh còrr is 2,000 farpaiseach ann agus tha dùil ri mu 10,000 luchd-amhairc thairis air an naoi là a bhios am Mòd a' dol ann an Talla Consairt Rìoghail Ghlasgu agus 15 làraichean eile sa bhaile.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Duais chliùteach do thaigh-bìdhe anns na Hearadh
Chaidh inbhe trì rosette AA a bhuileachadh air taigh-bìdh Flavour anns na Hearadh.
BBC Naidheachdan2 sources1 min read
Plana ChalMac airson seirbheis Chaolas na Hearadh thar a' gheamhraidh
Tha an MV Loch Portain as àbhaist a bhith a' seòladh air Caolas na Hearadh ga càradh ann an Grianaig agus trioblaid theicnigeach oirre
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Sgeama taic ola teasachaidh ga leudachadh
"Chaidh còrr air 6,700 suim a phàigheadh a-mach bho chuir Riaghaltas na h-Alba an seagma seo air bhonn airson dèanamh cinnteach gu bheil an fheadhainn as motha aig a bheil feum taic gus na dachannan aca a chumail blàth," thuirt Ministear a' Chumhachd, Stephen Gethins.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Dùinidh Eaglais na h-Alba dhà de na ceithir eaglaisean aca ann an Uibhist
Dhearbh Eaglais na h-Alba gum bi dhà de na ceithir eaglaisean aca ann an Uibhist a' dùnadh agus iad gann de dh'airgead agus de luchd-obrach airson an cumail aig ìre.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Cuirear fàilte air ìomhaigh shnaidhte ùr den Naomh Bàrr am Barraigh
Chaidh an ìomhaig shnaidhte ùr a chaidh a dhèanamh leis an t-snaidheadair Stephen Tinney an dèidh mar a thòisich iomairt airson £100,000 a thogail san Iuchar 2024.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Poilis 'son bruidhinn ri duine an co-cheangal ri mèirle an Tiriodh
Sgaoil Poileas Alba dealbh de dhuine ris a bheil iad airson bruidhinn ann an co-cheangal ri tachartas ann an Sgairinis ann an Tiriodh air an 2na den Lùnastal.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Flataichean am Port Rìgh gu bhith air an sgeadachadh
Thèid còig flataichean ann am Port Rìgh a tha an-dràsta bàn a sgeadachadh is a chur gu feum às ùr mar phàirt de cho-obrachadh eadar SSEN is Comann Taigheadais Loch Aillse is an Eilein Sgitheanaich.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Comann na Clàrsaich gu bhith ga chomharrachadh an Inbhir Pheofharain
Bidh an tachartas Dihaoine, Harps Galore, a' toirt còmhla luchd-ciùil òg bhon sgìre fhèin agus cluicheadairean proifeasanta na clàrsaich aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Nì CnES sgrùdadh agus builean deuchainnean Àrd-Ìre sìos am-bliadhna
Tha an aithisg le Àrd-oifigear an Fhoghlaim agus nan Seirbheisean Cloinne, Dòmhnall MacLeòid, ag ràdh gun dèan oifigearan comhairle is luchd-teagaisg sgrùdadh feuch dè a bu choireach.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Comhairle do chroitearan air gnothachasan beaga bìdh a thòiseachadh
Bidh cothrom aig croitearan is tuathanaich ionnsachadh mar a chuireas iad air chois gnothachasan beaga bìdh dhaibh fhèin, le prògram trèanaidh a tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba a' cur air dòigh.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Rabhadh gun cuir cosgaisean connaidh barrachd dhaoine ann am fiachan sa Ghàidhealtachd
Tha dragh air Dàibhidh Watson aig Urras Leasachaidh a' Chaoil Chataich gun toir cosgais àrd a' chonnaidh air daoine cunntasan a phàigheadh air creideas, agus a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan fhàgail.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Uachtarán na hÉireann air tadhal air Sabhal Mòr Ostaig
Chaidh am baile ùr a stèidheachadh mar thoradh air com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig, Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan, Comhairle na Gàidhealtachd agus a' chompanaidh-togail ionadail aig Seumas MacCuinn.
BBC Naidheachdan1 source1 min read
Oifigear ùr an Stafainn 'son "cothroman a chruthachadh do shean is òg"
BBC Naidheachdan1 source1 min read



















